Skip to content

An Do Rinn Am Bìoball Fàisneachd Air An Dòigh Beatha agus an Dòigh Smaoineachaidh Aig Daoine Anns Na Làithean An-diugh?

An Do Rinn Am Bìoball Fàisneachd Air An Dòigh Beatha agus an Dòigh Smaoineachaidh Aig Daoine Anns Na Làithean An-diugh?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Seadh, dh’fhàisnich Am Bìoball gum biodh mac an duine a’ fàs nas miosa anns na làithean an-diugh. Bhiodh an t-atharrachadh seo a’ leantainn gu droch suidheachadh le crìonadh moralta agus luachan sòisealta a’ tuiteam. a (2 Timòteus 3:1-5) Ach, dh’fhàisnich Am Bìoball gum biodh feadhainn ann nach biodh a’ gabhail ris an droch buil seo. Le cuideachadh bho Dhia, bhiodh iad soirbheachail ann an dèanamh a’ chùis air droch-bhuaidhean agus na dòighean-smaoineachaidh ag aontachadh le toil Dhè.—Isaiah 2:2, 3.

Anns an artaigil seo

 Dè dh’fhàisnich Am Bìoball mu dheidhinn nan dòighean-smaoineachaidh agus nan gnìomhan aig daoine anns na làithean an-diugh?

 Tha Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn diofar seòrsa de trèithean agus gnìomhan mì-thlachdmhor a bhiodh cumanta, rudan a tha uabhasach fèineil. Bhiodh daoine “gun fhèin-smachd,” “fèin-ghràdhach,” agus “a’ gràdhachadh toileachais an àite Dia a ghràdhachadh.”—2 Timòteus 3:2-4.

 A rèir am fàisneachd sin, tha daoine gu tric anns na làithean an-diugh fèin-chùiseach, agus tha iad a’ cur fòcas air fèin-bhuannachd, toil-inntinn, mar sin air adhart. Tha na trèithean sin cho cumanta ’s gu bheil buidhean ann leis an t-ainm “Me Generation” fiù ’s tha buidhean ann leis an t-ainm “Me Me Me Generation”. Tha tòrr dhaoine cho fèineil “aig nach eil gaol air math,” agus chan urrainn dhaibh a bhith measail air buadhan math. A bhith “mì-thaingeil,” tha iad a’ smaoineachadh nach eil feum aca a’ sealltainn taing airson na rudan a th’ aca no na rudan a nì daoine eile dhaibh.—2 Timòteus 3:2, 3.

 Tha fèinealachd as coireach beachdan eile a tha sinn a’ faicinn an-diugh:

  •   Sanntach. Tha daoine a tha “Gaolach air airgead” uabhasach cumanta. Agus tha iad a’ smaoineachadh gu bheil airgead a’ sealltainn dè cho soirbheachail is a tha iad.—2 Timòteus 3:2.

  •   Pròiseil. Tha mòran “nam bòstairean, pròiseil,” agus “air an at le pròis.” (2 Timòteus 3:2, 4) Bidh cuid a’ bòstadh agus a’ cur ris an fhìrinn a thaobh na rudan a tha iad comasach air, na buadhan aca agus am beartas aca.

  •   Cùl-chàineach. An-diugh tha dia-mhaslachairean agus “cùl-chàineach” cumanta. (2 Timòteus 3:2, 3) Cuideachd tha seo a’ ciallachadh daoine a tha mì-mhodhail ri daoine eile no ri Dia, agus daoine a tha ag innse breugan mu dhaoine eile.

  •   Ceann làidir. Tha mòran dhaoine “eas-umhail,” “do-rèiteachail,” “mealltach” agus “bras.” (2 Timòteus 3:2-4) Tha iad a’ sealltainn nan buadhan sin le diùltadh co-rèiteachadh agus chan eil iad airson nan geallaidhean a rinn iad a chumail.

  •   Droch-nàdarrach. An-diugh tha mòran dhaoine “borb,” luath gu fearg, agus a’ dèanamh droch rudan.—2 Timòteus 3:3.

  •   Gun spèis do lagh. Dh’fhàisnich Ìosa “gum bi mì-riaghailteachd air a meudachadh” anns na làithean an-diugh. (Mata 24:12) Cuideachd dh’fhàisnich Ìosa gum biodh “cheannaircean” no ar-a-mach ann fad agus farsaing.—Lùcas 21:9.

  •   Teaghlaichean gun gràdh nàdarra. Tha an fheadhainn a tha “eas-umhail” do phàrantan agus “gun ghràdh nàdarra” air a meudachadh rudan mar suarachas, agus fòirneart san dachaigh.—2 Timòteus 3:2, 3.

  •   Hiopocratach a thaobh creideimh. Tha tòrr dhaoine ann le coltas gu bheil “cumadh diadhaidheachd” orra. (2 Timòteus 3:5) An àite a bhith gabhail umhail ri miann Dhè, tha iad a’ leantainn riaghladairean creideimh a tha ag innse dhaibh na tha iad ag iarraidh airson chluinntinn.—2 Timòteus 4:3, 4.

 Dè seòrsa buaidh a bhiodh aig daoine fèineil air daoine eile?

 A thaobh slàinte-inntinn, tha tòrr fhulangas agus cron air a dhèanamh air sgàth ’s gu bheil mòran dhaoine ann a tha uabhasach fèineil. (Eclesiastes 7:7) Mar eisimpleir, tha feadhainn ann a tha gaolach air airgead agus a’ gabhail cothrom air daoine eile. Tha daoine ann gun gaol nàdarra a tha dèanamh cron air a’ theaghlach aca, le sin tha feadhainn ann a tha fàs gruamach agus fèin-mharbhtach. Agus bidh gach duine mealltach no mì-dhìleas a’ dèanamh cron air an t-sunnd faireachail aig luchd-fulaing.

 Carson a tha daoine a’ fàs nas miosa?

 Tha Am Bìoball a’ mìneachadh an adhbhair a tha daoine air atharrachadh:

  •   Tha gràdh do Dhia agus do nàbaidh air a lùghdachadh. (Mata 24:12) Le sin, tha fèinealachd air a meudachadh.

  •   Bha Sàtan an Diabhal air thilgeil a-mach às na nèamhan sìos chun na talmhainn. (Taisbeanadh 12:9, 12) Bhon àm sin, tha am buaidh olc agus fèineil aige air mac an duine air fàs nas mìosa.—1 Eòin 5:19.

 Ciamar am bu chòir dhuinn a bhith a’ faireachdainn mu dheidhinn an t-suidheachadh seo?

 Tha Am Facal Dhè ag ràdh: “on leithidean sin tionndaidh air falbh.” (2 Timòteus 3:5) Chan eil seo a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn a bhith a’ cumail air falbh bho dhaoine eile. An àite sin, cha bu chòir càirdeas dlùth a bhith againn ri daoine a tha fèineil agus gun gràdh do Dhia.—Sheumais 4:4.

 Am biodh a h-uile daoine a’ fàs nas miosa?

 Cha bhiodh. Dh’fhàisnich Am Bìoball gum biodh feadhainn “ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.” (Eseciel 9:4) Bhiodh iad a’ diùltadh fèinealachd agus a’ stiùireadh na beatha aca le miann Dhè. Tha a’ chainnt agus na rudan a tha iad a’ dèanamh gu math eadar-dhealaichte bho dhaoine anns an fharsaingeachd. (Malachi 3:16, 18) Mar eisimpleir, tha iad a’ feuchainn a bhith sìtheil le daoine eile agus a diùltadh cogaidhean agus fòirneart.—Micah 4:3.

 Am bi mac an duine air fad ann am mì-riaghailt?

 Cha bhi. Cha tig briseadh sòisealta gu buileach. Ach an àite sin, cuiridh Dia às na daoine a tha an aghaidh a’ mhiann aige. (Salm 37:38) Tha Am Bìoball ag ràdh gum bi Dia a’ stèidheachadh “talamh ùr”—le sòisealtas ùr air an talamh—le daoine macanta a bhios a’ fuireach ann an sìth gu bràth. (2 Peadar 3:13; Salm 37:11, 29) Ach chan e fantasachd a th’ ann an dòchas seo. Fiù ’s a-nis, tha Am Bìoball a’ cuideachadh dhaoine air a’ bheatha aca ag atharrachadh agus am beatha a bhith co-chòrdadh le toil Dhè.—Ephèsianaich 4:23, 24.

a Tha fàisneachd sa Bhìoball agus na rudan a chì sinn an-diugh a’ sealltainn gu bheil sinn anns na “làithean deireannach,” a tha comharraichte le “amannan duilich.” (2 Timòteus 3:1) Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic “What Is the Sign of ‘the Last Days,’ or ‘End Times’?