Skip to content

A’ Dèiligeadh Le Tinneas Leantainneach​—An Urrainn Am Bìoball Gar Cuideachadh?

A’ Dèiligeadh Le Tinneas Leantainneach​—An Urrainn Am Bìoball Gar Cuideachadh?

Freagairt a’ Bhìobaill

 Tha gu dearbh. Tha cùram aig Dia airson a sheirbheisich a tha tinn. Nuair a tha Am Bìoball a’ bruidhinn mu dheidhinn seirbheiseach dìleas, tha e ag ràdh: “Bheir an Tighearna neart dha air leabaidh a thinneis iarganaich.” (Salm 41:3) Ma tha thu a’ dèiligeadh le tinneas leantainneach, faodaidh na trì ceuman a leanas gad chuideachadh:

  1.   Dèan ùrnaigh airson neart gus dèiligeadh ris. Gheibh thu “sìth Dhè, a tha thar a h-uile tuigse.” Faodaidh seo do dhraghan a lùghdachadh is do chuideachadh gus cumail a’ dol.​—Philipianaich 4:6, 7.

  2.   Bi aigneach. Tha Am Bìoball ag ràdh: “Nì cridhe subhach maith mar leigheas; ach tiormaichidh spior briste na cnàmhan.” (Gnàth-Fhacal 17:22) Faodaidh tuigsinn air àbhachdas gad chuideachadh a dèiligeadh ri do bhròn agus tha e math airson do shlàinte.

  3.   Bi dòchasach mun àm ri teachd. Faodaidh fìor dhòchas aoibhneas a thoirt dhut a dh’aindeoin tinneas leantainneach. (Ròmanaich 12:12) Tha Am Bìoball ag ràdh gum bi àm ann nuair “chan abair am fear-àiteachaidh, Tha mi tinn.” (Isaiah 33:24) Tha an t-àm a’ tighinn nuair a bhios Dia a chur stad air tinneas leantainneach, fiù ‘s tinneas a tha ro dhoirbh airson lèigh-eòlas. Mar eisimpleir, tha Am Bìoball a’ gealladh gum bi iad a tha sean a fàs òg: “Bidh a fheòil nas uire na feòil leinibh; thig e air ais gu làithean a òige.”​—Iob 33:25.

 Nòta: Tha fios againn gu bheil Dia gar cuideachadh ach aig an aon àm, bidh Fianaisean Iehòbha a’ cleachdadh dotairean airson cuideachas le tinneas leantainneach. (Marcas 2:17) Cha bhi sinn ge-tà, a’ brosnachadh aon seòrsa de lèigh-eòlas sònraichte os cionn sèorsa eile. ’S e tagh pearsanta a th’ ann airson gach neach.